Ciad Fhèis Chullaig aig Ceòlas soirbheachail

6th January 2016

[:en]Chaidh chiad Fhèis Chullaig, le clasaichean, seiseanan, cèilidhean agus cuairtean arc-eòlasach, a chumail bhon 28mh den Dùbhlachd gu ’n 1mh den Fhaoillteach, a’ toirt deagh thogail eacanomaigeach dhan sgìre rè làitheachan-saora na Nollaige.

Bha clasaichean, a chaidh fhrithealadh leis an dà chuid Uibhistich agus luchd-tadhail à tìr-mòr agus bho thall thairis, a theagasg leis na sàr-cheòladairean Aonghas MacNeacail, Ailean MacEanraig agus Sìneag Nic an t-Saoir.

An clas seinn an Loidse Ghròigearraidh
An clas seinn an Loidse Ghròigearraidh

A dh’aindeoin sgal de dhroch aimsir aig tòiseachd na seachdain a chuir maille air corra oileanaich agus ceòladairean, bha còrr is 170 daoine an làthair aig an Dannsa Fàilteachaidh an Talla an Iochdair. Mar an ceudna, bha taighean-òsta a’ Chinn-a-Deas làn gu sprèadhadh ri linn seiseanan-ciùil feasgair, agus Uibhistich, luchd-tadhail agus oileanaich Ceòlas a’ tionndadh a-mach airson biadh agus puirt.

A bharrachd air togail a thoirt do ghnìomhachasan ionadail, bha an Fhèis a’ fighe a-steach le tachartasan eile. Bha Cèilidh na Seann Bhliadhna an Talla Staoinebrig glè mhath, agus oidean Ceòlas a’ cur ris a’ chruinneachadh.

Chaidh clasaichean air an fheasgar a ruith le Laura Johnston agus Alana NicAonghais a thuilleadh air cuairtean leis an Oll Rebecca Rennell (OGE Institiud Arc-eòlais) timcheall làraichean Bhornais agus Thobh’ Mòr. Bha còrr is 50 clann agus pàrant aig an Latha Spòrs do Theaghlaichean air an 31mh Dùbhlachd, agus bouncy castle, sumo suits agus peantadh-aodainn a’ dol.

An clas pìobaireachd agus gillean às an sgìre a' gabhail pàirt
An clas pìobaireachd agus gillean às an sgìre a’ gabhail pàirt

Bha na cèilidhean air an fheasgair uile cho làn sa ghabhadh. Bha feum air barrachd thiocaidean don Chuirm Phìobaireachd air Oidhche Chullaig fhèin a-rèir an iarrtais agus chòrd e glan ris na bha an làthair na gillean Cullaig fhaicinn, agus beannachadh a’ chaisein-Challaig nan cois.

Thuirt Mary Schmöller, Manaidsear na h-Oifig an Ceòlas: ‘Bha an Fhèis cho math agus na h-àireamhan a’ sealltainn gun gabh rud mar seo a dhèanamh sna bliadhnaichean air thòiseachd oirnn. ’S e bhith a’ ruith thachartasan leithid seo a tha aig cridhe obair Ceòlas.’

Thuirt Sìneag Nic an t-Saoir, oide seinn à Cille Pheadair, gun robh an Fhèis ‘na fhìor-dheagh smuain agus gun robh [i] cho toilichte gun do nochd uidhir às a’ choimhearsnachd fhèin aig na clasaichean aig an àm thrang seo den bhliadhna. Tha e iongantach na bhios Ceòlas a’ dèanamh às leth coimhearsnachd Uibhist agus guma fada a mhaireas e. Meal-a’-naidheachd air a h-uile duine a bha an-sàs ann.’

Catrìona Nic an t-Saoir a' toirt beannachadh leis a' chaisean Challaig
Catrìona Nic an t-Saoir a’ toirt beannachadh leis a’ chaisean Challaig
[:gd]Chaidh ciad Fhèis Chullaig, le clasaichean, seiseanan, cèilidhean agus cuairtean arc-eòlasach, a chumail bhon 28mh den Dùbhlachd gu ’n 1mh den Fhaoillteach, a’ toirt deagh thogail eacanomaigeach dhan sgìre rè làitheachan-saora na Nollaige.

[:]