Duais Eadar-Nàiseanta, Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2015

19th November 2015

Tha e na urram gun deach Ceòlas ainmeachadh mar bhuideann-glèidhidh Duais Eadar-Nàiseanta, air a chur air adhart le MGALBA, aig cuirm Dhuaisean Gàidhlig na h-Alba aig an Daily Record, airson na h-obrach a thathar a’ dèanamh a’ fàs cheanglaichean eadar-nàiseanta, mar eisimpleir, le’r co-Ghàidheal ann an Èireann agus ann an Ceap Breatainn, agus a bhith a’ togail inbhe na Gàidhlig air feadh an t-saoghail. Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt dar luchd-maoineachaidh, coimhearsnachd Uibhist agus na daoine a thig ann do thachartasan Ceòlas gach bliadhna.

Duais eadar-nàiseanta