Geàrr-liosta Dhuaisean na Gàidhlig (18/11)

11th November 2015

Gach mìos Iuchair, taomaidh dròbhan oileanach air Dalabrog, Uibhist a Deas, gus beatha sa choimhearsnachd a bu làidire sa Ghàidhlig a bhlasad. ‘S e turas bliadhnail a th’ ann do mhòran, agus iad a’ tighinn a ghabhail clasaichean ann an òran, pìobaireachd, fìdhleireachd agus dannsa, còmhla ri prògram feasgair de chèilidhean, chuirmean is chuairtean. San bhitheantas, ‘s e 20% a’ chuibhrinn de dh’oileanaich a thig bho taobh a-muigh chrìochan na Rìoghachd Aonaichte.

Chan iongnadh, mar sin, gun deach Ceòlas Uibhist ainmeachadh air a’ Gheàrr-liosta sa chuspair ‘Eadar-Nàiseanta’ aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba. Tachraidh Cuirm nan Duaisean an St Andrew’s sa Cheàrnag an Glaschu air an 18mh den t-Samhain.

Thuirt Mary Schmöller, Manaidsear Leasachaidh & Oifig: ”s e urram gun deach ar n-aimneachadh airson an dàrna turas sa chuspair seo, gu h-àraidh leis gu bheil sinn a’ tagairt às ùr gus an obair EOST a leudachadh san àm ri teachd.’

Bha Ceòlas air a’ Gheàrr-liosta sa chuspair ‘Eadar-Nàiseanta’ an 2013, agus chaidh Duais Eaconomach na Gàidhlig a ghlèidheadh an 2014.