Sgoil Chullaig Ùr

4th October 2015

Tha Ceòlas a’ cur Sgoil Chullaig ùr air dòigh, a bhios a’ ruith bho 28mh an Dùbhlachd gu 2ra am Faoillteach. Bidh an sgoil ùr seo a’ sìneadh fèisean Ceòlas a-steach chun na Bliadhn’ Ùir. Air a dhealbhadh às dèidh na sgoile-samhraidh soirbheachail againn, bidh Sgoil Chullaig a’ tabhann oideachadh sna cuspairean Gàidhlig, òrain, pìobaireachd, fìdheall agus dannsa-ceum, an taca ri tachartasan-oidhche leithid Dannsa Fàilteachaidh, Cèilidh na Cullaig agus Cuirm Thar-chuspair air Lathan a Bliadhn’ Ùire.

’S e na h-oidean a bhios ann Aonghas MacNeacail, Ailean MacEanraig, Sìneag Nic an t-Saoir agus Jayne NicLeòid. Bidh tuilleadh ri thighinn. Ri linn na Sgoil Chullaig ùir seo, bidh Ceòlas cuideachd a’ ruith Sgoil Dualchais Ghàidhlig agus Arceòlas, le òraidean, bùithtean-obrach, tursan agus sgeulachdan còmhla ri seanchaidhean ionadail agus eòlaichean. Tha fàilte ro na h-oileanaich pàirt a ghabhail ann an tachartasan thar an dà sgoile.

Bidh cìsean còmhnaidheach a’ gabhail a-steach cèilidhean-taighe agus àite-fuirich ann an Loidse Ghròigearradh thar sia oidhcheannan, breacaist, lòn is dìnneir, clasaichean, tursan agus tachartasan oidhche. Bidh cìsean neo-chòmhnaidheach a’ gabhail a-steach clasaichean, tursan, tachartasan oidhche agus siubhail. Feumaidh clàraidhean a bhith a-staigh ron 20mh latha den t-Samhainn.

Bidh fàilte ron choimhearsnachd do thachartasan oidhche, a’ gabhail a-steach Dannsa Fàilteachaidh còmhla ri Trail West air an 28mh den Dùbhlachd ann an Talla an Iochdair. Gabhaidh tiocaidean latha an ceannachd uair aon ’s gun tèid an làn phrògram fhoillseachadh.