Aonghas Ailig Dòmhnallach

2nd July 2015

Scan-151001-0002Aonghas Ailig Dòmhnallach

Bha sinn uamhasach fhèin duilich a chluinntinn gun do chaochail fear còir aig an robh dìleab cho mòr de cheòl Uibhist, Aonghas Ailig Dòmhnallach à Baile Sear, Uibhist a Tuath.

Bha Aonghas Ailig aithnichte gu cluich a’ bhogsa-phutain ann an nòs Gàidhealach bu dòcha nach cluinnear tuilleadh air an Eilean seo agus a bhuineadh do dh’Innse Gall. Bha stòras iongantach aige, bho òrain Ghàidhlig gu puirt bheadrach na pìoba agus na fìdhleadh. Bha tuigse dhomhainn aige air dualchas na pìoba gu sònraichte agus bha e na phìobaire e fhèin na òige. Coltach ri tòrr às a’ ghinealach aige, dh’ionnsaich e mòr-chuid a chiùil air a’ chluas. Bha e cho math agus cho sgileil air seo a dhèanamh ’s gun cluinnteadh an sgeadachadh a th’ ann an ceòl na pìoba sa cheòl aige fhèin cho soilleir. Nuair a bha e na bhalach mu 10 bliadhna a dh’aois agus na dheugaire, rachadh e a shealltainn air a nàbaidh san ath-dhorus, far an robh fios gun robh melòdian 2-sreathach. B’ ann bhon uair sin a-mach a chaidh a bheò-ghlacadh leis a’ bhogsa-phutain agus an ceann ùine, bha e na regular a’ cluich aig dannsaichean air feadh Uibhist a Tuath. Chluich e thar Alba, agus e a’ riochdachadh Uibhist nuair a chaidh e a-null a Choirea a Deas a chluiche a’ bhogsa.

Scan-151001-0004B’e urram mòr do Cheòlas a bh’ ann gun do ghlac Aonghas Ailig ri teagasg nan clasaichean ‘Buttons and Bows’. Bha e na thlachd dha teagasg an òige agus bha esan na thlachd dhan òige mar an ceudna leis cho socair agus càirdeil sa bha e. Bha iad gu math troimh-a-chèile leis an naidheachd. Air dha Niall cluinntinn mu shiubhail an tidseir chòir aige, thuirt e, ‘feumaidh mi port a chluich dha Aonghas Ailig.’

Aig seirbhis an tòrraidh aig Eaglais a’ Chlachain, thug tòrr iomradh air cho snog’s sa bha an t-serbhais agus a’ chluich aig Pàdruig Moireasdan, cluicheadair bogsa à Griomasaigh, am measg càch. Chaidh tabhartas a thogail aig an t-seirbhis agus bha an teaghlach air leth fialaidh ann a bhith a’ toirt sin do Cheòlas às leth Aonghais Ailig. ’S ann do cheannachd ionnsramaidean dhan chlann a thèid an t-airgead a chleachdadh gus dìleab Aonghais Ailig a chumail a’ dol. Tha Ceòlas air leth taingeil airson an taice.

 Angus Alick with Ishbel MacAskill in Jeju, Korea

Scan-151001-0009