Cuirmean

15th June 2011

Cuirmean

Tha sàr luchd-ciùil againn aig Ceòlas 2011. Bidh gnothaichean a’ tòiseachadh air oidhche Dhòmhnaich ann an Talla Naomh Peadair agus gheibhear sealladh dhen tàlant a th’ anns an eilean. Bidh Cuirm na Pìobaireachd ann air feasgar Diluain agus am measg nam pìobairean a bhios ann bidh Aoghas MacCoinnich, Aonghas MacNeacail, Fin Moore agus Calum MacCruimein. Cluichidh iad cuideachd mar chòmhlan de cheathrar, ‘Seudan’,  cuideachd bith  Ailean Dòmhnallach, Andrea Boyd agus iomadh duine eile…

Aig Oidhche nan Òran air Diciadain ann an Talla a’ Chinn a Deas bidh Rona Lightfoot, Mairead Stiùbhart agus Kathleen NicAonghais ann le aoighean nan cois.

Bidh dannsa ann an Talla Èirisgeidh air oidhche Chiadain

Air feasgar Diardaoin bidh oidhche mhòr nam Fìdhlearan ’s nan Dannsairean ann an Talla Naomh Peadair.

Bidh an Cèilidh Mòr ann air Oidhche Haoine. Feuch gum faigh sibh ur ticeadan tràth gu leòr!

Bidh seiseanan ciùil ann air feadh na seachdain ann an diofar àiteachan.